Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Calum Alex MacMillan > Tàladh Nan Cuantan > Oran Àm An Iasgach

Tàladh Nan Cuantan Oran Àm An Iasgach
   
Credits: Traditional; arranged by Allan Henderson & Calum Alex MacMillan
   
Appears On: Tàladh Nan Cuantan
   
Language: Gàidhlig (Scottish Gaelic)
   
Lyrics: English Translation:
   
Dh'fhalbh sinn Diluain chun a' Bhanca On Monday we set off for the Bank
'S ghabh i an cuan a tuath gu Sealtainn Taking the northern ocean to Shetland
Dh'fhalbh sinn Diluain chun a' Bhanca On Monday we set off for the Bank
   
Gur e mise tha gu cianail I feel very weary
An Ceann Phàdraig aig an iasgach In Peterhead at the fishing
'S mòr a fhuair sinn ann de mhìobhadh There we found much mischief
Ged a dhèanamaid am barrachd Although we ourselves were capable of more
Dh'fhalbh sinn Diluain chun a' Bhanca On Monday we set off for the Bank
   
Nuair a ràinig sinn an t-àite When we arrived at the place
An robh na mucan mòr a' tàmhachd Wher the great whales live
Thuirt e, "Tilg a-mach an tràil He called, "Let out the trawl
'S gum bi i làn againn sa mhadainn" So that it will be full by morning"
Dh'fhalbh sinn Diluain chun a' Bhanca On Monday we set off for the Bank
   
Anns a' mhadainn moch Dimàirt Early on Tuesday morning
O, 's ann oirre bha an coltas grànnda The weather looked very grim
'S chuir iad mise dhan druim-àrca They sent me the corked part of the net
Gus na chaill mo làmhan an craiceann Until I lost the skin off my hands
Dh'fhalbh sinn Diluain chun a' Bhanca On Monday we set off for the Bank
   
Nuair a fhuair sinn uile air bòrd iad When we got them all on board
Chuir sinn ar guaillean on fhoremast We put our shoulders to the foremast
Chaidh e suas gun duine leònadh It was raised without anyone being injured
Mar a dh'òirdaich Rìgh nam Feartan As ordained by the King of the Elements
   
A' dol seachad Inbhir-Uige Passing Wick the wind
Bha i an iar dheas 's i na smùid as Was driving strong from the southwest
Bodach na curraice ga stiùireadh The Old Man with the cap was steering
'S cha robh cùmhnadh aig' air a h-astar And he did not cut down on his speed
Dh'fhalbh sinn Diluain chun a' Bhanca On Monday we set off for the Bank
   
A' dol seachad Bàgh an Teampuill Going past Temple Bay it looked
B'aognaidh a coltas san àm sin It looked terrifying
Sheas am bodach iomadh geamhradh The Old Man had endured many a winter
'S thàinig car na cheann an là ud But he got a twist in his neck that day
Dh'fhalbh sinn Diluain chun a' Bhanca On Monday we set off for the Bank
   
'S mun do ràinig i Ceann Phàdraig And before we reached Peterhead
Cha robh guth air cràdh na làimhe There was no mention of the pain in my hands
Air eagal gun rachadh mo bhàthadh In case I would be drowned
'S nach fhaicinn gu bràth mo leannan And never again see my sweetheart