Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Calum Alex MacMillan > Tàladh Nan Cuantan > Cha Tèid Mise Thobair Tuilleadh

   
Tàladh Nan Cuantan Cha Tèid Mise Thobair Tuilleadh
   
Credits: George Morrison & John MacMillan; arranged by Allan Henderson & Calum Alex MacMillan
   
Appears On: Tàladh Nan Cuantan
   
Language: Gàidhlig (Scottish Gaelic)
   

Lyrics: English Translation:
   
Cha tèid mise thobair tuilleadh I shall never again go to the well
Leis a' mhuga 's peile ceàird With my mug and pail made by the tinsmith
'S ann a bheir mi làmh air goca Instead I can now turn on a tap
Lìonas dhomh mo chopan làn Which will fill up my cup for me
   
Sèist: Chorus (after each verse):
O bhalaich, hè bhalaich Oh boy, oh boy
O bhalaich, tha e grinn Oh boy, this is fine
O bhalaich, hè bhalaich Oh boy, oh boy
'S iomadh beannachd th' air ar linn The age we live in has many blessings
   
Cha tèid mi's don allta tuilleadh I shall never again to the stream
Nighe plaide 's aodach oidhch' To wash blankets or nightwear
Sgaoileadh anart air na clachan Or spread linen over the stones
Air an tugadh slacan gliong On which the washing-paddle once resounded
   
Cha ruig m' athair, air cheann-feuma My father, in great stress need never again go
Cùl a' ghàrraidh leis an fhuachd Behind the stone wall in the cold
Tha taigh-beag againn san t-seòmar Instead, we have an inside toilet
Pailteas bùirn ann aig gach uair With running water at all times
   
Cha tèid mis' don t-sabhal tuilleadh I need never again to the barn
Gu mo nighe, gabhail fàth To wash myself, stealthily
Bheir mi cas a dh'amar-glanaidh Instead I'll throw a leg over the side of a bath
Is laighidh mi an uisge blàth And soak myself in hot water
   
Cha ghabh mise eagal tuilleadh I shall never again fear snow or storm
Roimh an t-sneachd is roimh 'n ghaoith I couldn't care less if the spring
'S beag orm ged a reoth am fuaran Or the surface of MacKay's Loch
Agus uachdar Loch MhicAoidh Were to freeze over
   
Orm-sa cha bhi nàire tuilleadh I shall never again be ashamed
Nuair thig strainnsearan mun cuairt When visitors call
Gheibh iad biadh is gheibh iad fasgadh They will receive food and shelter
'S gheibh iad uisge teth is fuar And they will receive water, hot and cold
   
Cha tèid mis' a spàgail tuilleadh I shall never again waddle down
Nighe duise mairt san lòn To wash a cow's stomach in the pool
Lìonnaidh mi an t-amar-glanaidh I'll fill the bath up
Leis na maragan 's an fheòil With the puddings and the meat
   
Cha bhi leisgeul agam tuilleadh I'll no longer have an excuse
Casan salach chuir am bròig For putting dirty feet in my shoes
Cha bhi eagal orm roimh dhotair I'll no longer be in awe of the doctor
Nuair a dh'fhosglas mi mo chòt' When I open up my coat
   
(Sèist 2x) (Chorus 2x)