Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Kathleen MacInnes > Òg-Mhadainn Shamhraidh > Tuireadh Bàrd Thùrnaig

   
Òg-Mhadainn Shamhraidh Tuireadh Bàrd Thùrnaig
   
Credits: Iain Cameron
   
Appears On: Òg-Mhadainn Shamhraidh
   
Language: Gàidhlig (Scottish Gaelic)
   

Lyrics: English Translation:
   
Fo thomain ghorm ùrach Under green mounds of earth
Sa cheàrnaig bheag chùbhraidh In this little fragrant corner
Ann an cladh Abhainn Iù Of Poolewe burial ground
Tha Bàrd Thùrnaig aig tàmh The Tournaig Bard is at rest
   
Sèist: Chorus (after each verse):
Cha dhùisg e, cha dhùisg e He will not wake, he will not wake
À leabaidh chaol dhùinte He will not awake from his narrow, closed bed
'S tha dhìlsean trom tùrsach And his relations are sad and sorrowful
Ag ionndrainn a' Bhàird Longing for the bard
   
Nuair laigh an t-seann aois air When old age settled on him
Cha b' ait dha an saoghal The world was not a pleasant place for him
Sgil lèighean chlann-daoine The skill of human physicians
Cha shaoradh on bhàs Could not save him from death
   
Chuir e gu buil bhuadhmhor He successfully employed
An tàlann a fhuair e The talent that he got
Ga cleachdadh gu suairce Practicing it in a kindly manner
Le huaisleachd a ghnàth With gentility always
   
An seirbheiseach dìleas The faithful servant
An taodhair 's an cìobair The herdsman and shepherd
Bu luaithe a dhìreadh Most swiftly would he climb
Ri mill nam beann àrd To the hills among the high places
   
'S aig crìoch a chuid sgrìoban And at the end of his journeys
A chuireadh an sgrìobhadh Would put into writing
Na bh' aige san inntinn What he had in his mind
'Son innseadh do chàch To tell to others
   
(Sèist 2x) (Chorus 2x)