Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Mairi MacInnes > Causeway > Soraidh Le Eilean a'Cheò

Causeway Soraidh Le Eilean a'Cheò
   
Credits: Mary MacPherson; arranged by Phil Cunningham
   
Appears On: Causeway
   
Language: Gàidhlig (Scottish Gaelic)
   
Other Versions: "Soraidh Leis An Ait" on Ishbel MacAskill's album Essentially Ishbel
   
Lyrics: English Translation:
   
Soraidh leis an àit' Farewell to the place
An d' fhuair mi m' àrach òg Where I was reared when young
Eilean nam beann àrda Island of the high bens
Far an tàmh an ceò Capped where the mist rests
Air a moch a dh' èireas On which rises early
Grian nan speur fo ròs The rose-tinted sun in the sky
A' fuadach neul na h-oidhche Dispelling the nightly bank
Soillseachadh an Stòrr And lighting the Old Man of Storr
   
Flòdagaraidh sgiamhach ___
Càit' eil d'fhiach de ghrunnd? ___
'S ainmeil an crodh-dàra ___
A dh'àraicheadh air d'fhonn ___
Is nuair a thig an oiteag ___
Bho Lochlann oirnn a-nall ___
Sèideadh air Sròin Bhaornaill ___
'S cùbhraidh gaoth do bheann ___
   
Seallaidhean bu bhrèagha Sights more beautiful
Riamh chan fhaca sùil The eye could never see
Spréidh amach 'gam feurach Cattle out grazing
Madainn ghrianach chiùin On a peaceful, sunny morning
'N uiseag air a sgiath The lark high on the wing
Seinn gum fhiamh a' chiùil Singing her song with confidence
'S an ceò mu cheann Beinn Tianabhaig And the mist swirling around Ben Tianabhaig
Is an sliabh fo dhrùchd With the mountain covered in dew