Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Mairi MacInnes > This Feeling Inside > Eilean M'àraich

   
This Feeling Inside Eilean M'àraich
   
Credits: Mairi MacInnes; lyrics by A. Kennedy
   
Appears On: This Feeling Inside
   
Language: Gàidhlig (Scottish Gaelic)
   

Lyrics:

Giùlain mi le beannachd bhùamsa
Null gu eilean ùain' a chaoil
Far an tric an toir mo bhuadair
Mi air chuairt tha chluaintean gaoil

Chorus (after each verse):
Eilean m'àltruim, eilean àgmhor
Eilean àluinn 'san chuan sgith
Tha ghaoth bhog a thig thar sàile' uat
Mar thuis slànuchaidh do mo chridh

Tha luchd gaoil an sin' gam' fhéitheamh
Tha mo dhaoine fhéin 'cur fàilt
Tha mo chridh 's mo mhiann 'gam tharruing
Null, air ais, gu m'eilean gràidh

Far am bheil do shrùthain fhinealt
Troimh do ghlìnn a ruith gu cuan
Far am bheil do bheanntan àrda
Tairgsinn sgàil bho threas 's bho fhùachd