Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Mary Jane Lamond > Òrain Ghàidhlig > Gun Chrodh Gun Aighean

   
Òrain Ghàidhlig Gun Chrodh Gun Aighean
   
Credits: Traditional
   
Appears On: Òrain Ghàidhlig
   
Language: Gàidhlig (Scottish Gaelic)
   

Lyrics:

Chorus (after each verse):
Ged tha mi gun chrodh gun aighean
Gun chrodh-laoigh, gun chaoraich agam
Ged tha mi gun chrodh gun aighean
Gheibh mi fhathast òigear grinn

Fhir ud a dhìreas am bealach
Giùlain bhuamsa mìle beannachd
Faod' tu innse dha mo leannan
Gu bheil mi laighidh leam dhìn

'S a fhìr ud a shiubhlas na cuantan
Thoir mo shoraidh null gu Shuaineart
Dh'ionnsaidh òigeir a' chùil dualaich
Ged nach d' fhuair mi e dhomh fhìn

Gura h-e mo ghaol an t-òigear
Dh'fhàg siod mise tursach, brònach
Fear a chur mi 'nam laighidh m' ònar
A bhí giùlan còt' a' Rìgh

Gura mise tha gu deurach
An seòmbar mullaich, 'fuaigheal léintean
Chaidh mo leannan do Dhun Eidean
'S chan eil feum dhomh bhí 'ga chaoidh

Gura mise tha fo mhulad
'Nam shuidh 's an t-seombar mhullaich
An leannan bh'agam an uiridh
'S ann an diugh rium cùl a'chinn