Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Mary Jane Lamond > Òrain Ghàidhlig > Dh'fhalbh Mo Nighean Chruinn, Donn

   
Òrain Ghàidhlig Dh'fhalbh Mo Nighean Chruinn, Donn
   
Credits: Traditional
   
Appears On: Òrain Ghàidhlig
   
Language: Gàidhlig (Scottish Gaelic)
   

Lyrics:

Chorus (after each verse):
Dh'fhalbh mo nighean chruinn, donn
Bhuam dha 'n Iùraidh
Dh'fhalbh mo nighean chruinn, donn
Cneas mar eal' air bhàrr thonn
Och 's och, mo nighean donn
A dh'fhàg mi-shunnd orm

'S truagh nach robh mise 's mo ghaol
Ann an gleann cùbhraidh
'S truagh nach robh mise 's mo ghaol
Ri uisg' ann 's ri gaoith
'S fo shileadh nan craobh
Bhitheamaid sunndach

Nam biodh agamsa spréidh
Bhithinn glè chùirteil
Nam biodh agamsa spréidh
Feadh bheann is feadh sléibh
B' ùr a gheibhinn thu fhéin
'S cha bu chéil' ùmpaidh

Ged tha thusa an tràth-s'
Ann an Gleann Iùraidh
Ged tha thus' ann an tàmh
Tha d' aigne fo phràmh
Agus mise gun stàth
Le do ghradh ciùrrte

Bheir mo shoraidh le gràdh
Bhuam dha 'n Iùraidh
Bheir mo shoraidh le gràdh
Fhios na h-òigh' rinn mo chràdh
'S on nach mar leath' mar a thà
Tha i fhèin tùrsach

Chan eil aice mar chéil'
Ach am fìor ùmpaidh
Chan eil aice mar chéil'
Ach sean bhodach gun spéis
'S e mar ghearran o fhéill
Doirbh, breun, brùideil