Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Julie Fowlis > Cuilidh > Mo Dhòmhnallan Fhèin

   
Cuilidh Mo Dhòmhnallan Fhèin
   
Credits: Neil MacLeod; arranged by Éamon Doorley, Julie Fowlis & Mark Kelly
   
Appears On: Cuilidh
   
Language: Gàidhlig (Scottish Gaelic)
   
Other Versions: "Mo Dhòmhnullan Fhèin" on Flora MacNeil's album Orain Floraidh
"Mo Dhomhnullan Fhéin" on Sìleas' album Play On Light
   

Lyrics: English Translation:
   
Nuair chruinnicheas an òigridh When the young gather
Gu mire 's gu sòlas For sport and play
Bidh mise nam ònar I will be alone
An seòmar gun ghleus In a room without music
A' cuimhneachadh còmhradh Remembering conversations
An fhleasgaich a leòn mi With the lad who caused me pain
'S an gaol thug mi òg And the love I gave young
Do mo Dhòmhnallan fhèin To my own Donald
   
Bidh m' athair 's mo mhàthair My father and mother
Ri gearain 's ri cràmhan Complain and moan
A' cantainn nach fheàrr mi They say I am no better
Na pàiste gun chèill Than a foolish child
Mo ghaol thoirt a dh'òigfhear To have given my love to a young man
Bhios daonnan a' seòladh Who is always at sea
'S a sgaoileas a stòras And freely dispenses gifts
Gun ghò ris gach tè To every girl
   
Nuair thachradh an còmhlan When the company used to meet
Sa chlachan Didòmhnaich In the village on Sunday
Nam measg cha robh òigfhear Among them there was no young man
Cho còmhnard na cheum As sure-footed
Cho beusail na chòmhradh Nor as well spoken
Cho fearail na dhòighean And manly in his ways
Bhiodh sùil aig gach òigh All the young girls admired
Air mo Dhòmhnallan fhèin My own Donald
   
Tha dualagan bòidheach I have beautiful locks
Dhed chuailean nam phòca Of your hair in my pocket
Do dhealbh air a còmhdach Your photograph is enclosed
Le òr ann an cèis In a gold frame
Do shùilean cho beò leam Your eyes are alive to me
Do ghruaidh mar na ròsan Your cheeks are like roses
Ag ùrachadh dhòmhsa Reminding me of
Mo Dhòmhnallan fhèin My own Donald
   
Tha bliadhn' agus còrr It's a year and more
Bhon a thriall e o eòlas Since he left home
'S tha ìomhaigh cho beò leam And his face is as alive to me
'S ged sheòladh e 'n-dè As if he had sailed yesterday
Cha ghèill mi do dh'òigfhear I won't yield to any young man
'S cha chèill mi na bòidean And I won't conceal the promise
No 'n gaol a thug mi òg That I gave when young
Do mo Dhòmhnallan fhèin To my own Donald