Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Cliar > Grinn Grinn > 'Si Nighean Mo Ghaoil, An Nighean Donn Òg

   
Grinn Grinn 'Si Nighean Mo Ghaoil, An Nighean Donn Òg
   
Credits: Donnchadh Bàn Macintyre; arranged by Arthur Cormack, Allan Henderson, Ingrid Henderson, Hector Henderson, Mary Ann Kennedy, Maggie MacDonald & Ross Martin
   
Appears On: Grinn Grinn
   
Language: Gàidhlig (Scottish Gaelic)
   
Other Versions: "Oran Sugraidh" on Capercaillie's album Roses And Tears
"Nighean Mo Ghaol" on Anna Murray's album Trì Nithean
   

Lyrics: English Translation:
   
Sèist: Chorus:
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg My love is the young brown-haired girl
Nam biodh tu ri m' thaobh cha bhithinn fo bhròn Were you by my side, I'd no longer be sad
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg My love is the young brown-haired girl
   
'S i Màiri Nic Neachdain as dàicheile pearsa Mary MacNaughton, the most graceful of folk
Ghabh mis' uiread bheachd ort ri neach a tha beò I took to you more than anyone else
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg My love is the young brown-haired girl
   
Nuair sheallas mi t' aodainn 's mi 'n coinneamh ri t' fhaodainn When we meet and I look upon your face
Gur math leam nam faodainn bhith daonnan ad chòir I wish, if I could, to be with you always
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg My love is the young brown-haired girl
   
On a thug thu dhomh gealladh 's ann duit-sa nach aireach Since you gave me your promise, it's no longer your business
'S chan fhaic iad thu 'n ath-bhliadhn' ad bhanarach bhò They won't see you as a dairymaid tending cattle next year
   
(Sèist) (Chorus)
   
Cha taobh i fear idir air eagal mo thrioblaid She will have nothing to do with another for fear of troubling me
'S cha toilich tè mise ach ise le deòin And no other will please me but herself and willingly so
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg My love is the young brown-haired girl
   
'S i ribhinn a' bhaile tha sìor thighinn air m' aire The darling of the town is constantly on my mind
Nam bi rachadh mar rium cha d' fharraid mi stòr If she would come with me, I'd ask for no riches
   
(Sèist) (Chorus)
   
'S i nighean mo ghaoil My love is
   
Bheir mis' thu Dhùin Eideann a dh'ionnsachadh Beurla I'll take you to Edinburgh to learn English
'S chan fhàg mi thu d' èiginn ri sprèidh an fhir mhòir And I won't leave you looking to the great man's cattle
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg My love is the young brown-haired girl
   
'S tu thogadh mo spioraid nuair a thèid thu air mhireadh You would lift my spirits with your sporting
Le d' cheilearabh binne 's le grinneas do bheòil With your sweet singing and beauty from your lips
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg My love is the young brown-haired girl
   
Leis na gabh mi de cheist ort am madainn 's am feasgar With me falling for you morning and afternoon
Gun dèanainn riut cleasachd is beadeadh gu leòr I would sport and play with you often enough
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg My love is the young brown-haired girl
   
Dhèanainn dhut furan am bliadhna 's an-uiridh I'd welcome you this year and last
Bu docha na 'n t-uireasbhuidh tuilleadh sa chòrr Better too much than nothing at all
   
(Sèist) (Chorus)