Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Capercaillie > Secret People > Oran

   
Secret People Oran
   
Credits: Donald Shaw; lyrics by Aonghas MacNeacail
   
Appears On: Secret People
   
Language: Gàidhlig (Scottish Gaelic)
   

Lyrics:

A ghruagach mhin bhoidheach gun d'fhuair thu mi lapach
Mo mhiann air dhol seachran is m'inntinn gun ghleus
Bha duil a'm bhith reidht' ann an curs mo mhac-meanmhainn
Ach thainig do mhais' orm gun fhiosta mar bheum

Tha mo run ort mar shlabhraidh an aghaidh a' ghaillinn 's
Ri pianadh no aoibhneas 's tu acair mo chiall
'S e do ghne a bhith mald' mo chlach-iuil on a' chiad uair
A loisg air mo shuilean do chumadh san ial

Bidh mo chairdean a' magadh gur e th'ann ach saobhadh
Iad nach d'fhairich do ghathan am buillsgean an deo
Ach 's mise tha cinnteach, air gealladh mo chraidhteachd
Gum bi thu 'nad leannan dhomh dhad 's bhios mi beo

A ghruagach mhin ghoidheach gun d'fhag thu mi lapach
Tha m'anam 'na fhasach on dh'fhag thu mo thaobh
Aon toinntean 'na thaic dhomh, gun till thu gam ionnsaigh
'S gu siubhail sinn comhla an cuibhreach a' ghaoil